The browser you are using is out of date and is no longer supported. To view and use this site correctly, please update your browser to the latest version.

Comharrachadh Obair-Iarainn Steornabhaigh

2 May 2008

Tha aon de na h-eisimpleirean as fheàrr a tha fhathast ri fhaighinn de dh’obair-iarainn grinn Albannach air a chomharrachadh ann an leabhar ùr air foillseachadh le Alba Eachdraidheil.

Tha Scotland’s Hidden Gem - Architectural Ironwork in Stornoway a’ mìneachadh carson a tha cruinneachadh an Eilein cho cudromach agus is e a’ chiad foillseachadh aig Alba Eachdraidheil a tha ri fhaighinn ann an Gàidhlig agus Beurla.

Thuirt Ministear na h-Eòrpa, Cùisean Cèin agus Cultar Linda Fabiani BPA: “Chleachd Alba a bhith na prìomh reiceadair-a-mach de dh’obair-iarainn agus is e Steòrnabhagh eisimpleir fìor-mhath mu mar a bha sràidean air feadh na dùthcha mus robh an iarann air a thoirt air falbh airson oidhirp a’ chogaidh. Tha e mìorbhailteach a bhith a’ faicinn nan dealbhachaidhean seo slàn agus a bhith a’ faicinn an ùidh a tha aig a’ choimhearsnachd annta.”

“Tha mi cuideachd toilichte gu bheil an leabhar a tha clàradh an obair-ciùird seo ri fhaighinn ann an Gàidhlig is Beurla gus an ruig e air an àireamh as motha de daoine agus gus am bi ar cultar co-roinnte air a riochdachadh san dòigh as fheàrr.  

An dèidh don taisbeanadh Obair Iarrainn Steòrnabhaigh fosgladh ann am Museum nan Eilean agus a bhios a’ dol gu deireadh na bliadhna, cuirear an leabhar air bhog an com-pàirt ri Urras nan Leabhraichean agus Comhairle nan Eilean Siar air an 3mh den Chèitean aig An Lanntair, Steòrnabhagh.

Thuirt John Randall, Cathraiche Urras nan Leabhraichean, a tha nan co-aoighean air an tachartas: “Tha mi uabhasach toilichte gu bheil Alba Eachdraidheil air an leabhar ùr seo ullachadh mu dheidhinn ailtearachd iarainn eachdraidheil Steòrnabhaigh. Tha foillseachadh an leabhair a’ leantainn air tachartas soirbheachail a chaidh a chumail  an t-seachdain a chaidh nuair a thug Ali Davey, aon de na h-ùghdaran seachad òraid le dealbhan mun chuspair aig coinneamh Urras nan Leabhraichean. Bu chòir aithneachadh nas fheàrr a bhith aig a’ chomharradh sònraichte seo de Steòrnabhagh, agus cuidichidh an leabhar ùr le bhith ag àrdachadh mothachadh den taobh chudromach seo de dualchas a’ bhaile.”

Cuiridh an leabhar an cèill ann an dealbhan làn-dhathte iomadachd mìorbhaileach an obair-iarainn a tha ri lorg ann an Steòrnabhagh. Bheir e seachad eachdraidh agus fiosrachadh mu na h-ainmean a tha falaichte fo bhliadhnaichean de pheant.

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar Alec Dòmhnallach:
“Tha an obair-iarainn ann am prìomh-bhaile Eilean Leòdhais am measg nan eisimpleirean as motha agus as fheàrr a tha air an gleidheadh air feadh na dùthcha. Mar choimhearsnachd eileanach, cha do chaill Steòrnabhagh obair-iarainn aig àm a’ chogaidh agus chùm e an obair-iarainn Bhictòrianach agus Eideardach a bha air a dhèanamh le luchd-iarrainn ainmeil a bha stèidhichte gu h-àraidh ann an Glaschu.  Tha seo mar maoin luachmhor eile den chultar agus den dualchas bheairteach a tha againn sna h-eileanan.”

“Tha àrdachadh mothachadh den mhaoin dhualchasach a tha aig na h-eileanan cudromach ann a bhith a’ tarraing dhaoine gu na h-eileanan mar àite as fhiach a thadhal agus tha an obair-iarainn a tha air a chomharrachadh san leabhar na phàirt cudromach air a bheil sinn a’ cur fàilte, de beairteas dualchas ar n-Eilean. Tha mi toilichte gun cuidich an leabhar le bhith sgaoileadh an sgeulachd inntinneach seo.”

Tòisichidh an latha le cuairt a bhios a’ tòiseachadh aig Museum nan Eilean aig 3.30f gus sùil a thoirt air an obair-iarrainn mun cuairt a’ bhaile, agus thèid an leabhar a chur air bhog aig fàilteachadh aig 4.30f.

Fiosrachadh do luchd-naidheachd

1. Is e buidheann gnìomhach le Riaghaltas na h-Alba air a bheil an uallach airson a bhith a’ dìon àrainneachd eachdraidheil na dùthcha a tha ann an Alba Eachdraidheil. Tha am buidheann fo ùghdarras Mhinistearan na h-Alba agus tromhpa-san gu Pàrlamaid na h-Alba. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.historic-scotland.gov.uk.

2. Clàraich airson fiosrachadh airson nam meadhanan tro phost-dealain aig www.historic-scotland.gov.uk/news. Ma tha sibh airson ath-fo-sgrìobhadh aig àm sam bith cuir post-dealain gu hs.website@scotland.gsi.gov.uk no cuir fòn gu 0131 668 8603
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Urras nan Leabhraichean faic www.theislandsbooktrust.com no cuir fòn gu John Randall air 01851880365

Taic: Lesley Brown, Oifigear Conaltradh agus Meadhanan
Fòn: 0131 668 8603
Fòn-làimh:07788 923873
Post-dealain: lesley.brown@scotland.gsi.gov.uk


For further information


Lesley Brown
Communications and Media Officer
Communications and Media
0131 668 8603 or 07788 923873
lesley.brown@scotland.gsi.gov.uk