skip navigation

G̣ireas Mor Air An Ĺon Mu Eilean Idhe

27 August 2010

Làrach-lìn san dà chànan mu Eilean Idhe

Thathar air goireas mòr san dà chànan a chur air an Lìon airson tè de na làraichean as ainmeile ann an Alba, Eilean Idhe ann an Inse Gall.

Chaidh an làrach-lìn, ionahistory.org.uk, a chruthachadh le Alba Aosmhor – a tha an urra ri trì de na comharraidhean-tìre as comharraichte san eilean – an Abaid, Taigh nan Cailleachan-dubha agus Crois an Leathanaich – gus slighe a-steach a thoirt san dà chànan do luchd-tadhail ach am faod iad rannsachadh a dhèanamh air oighreachd shaidhbhir an eilein.

                           Homepage of the Iona website, Gaelic version

Is e an làrach-lìn, a fhuair taic bho Bhòrd na Gàidhlig, a’ chiad tè airson an eilein a nochdas ann an Gàidhlig is ann am Beurla le chèile, agus tha i na cothrom don luchd-chleachdaidh dol a-null ‘s a-nall bho chànan gu cànan gun strì. Tha seo a’ toirt leis sreath de ghoireasan-foghlaim a ghabhas luchdachadh gun strì.

Thuirt am Ministear airson Cultair agus Chùisean air an Taobh A-muigh, Fiona Hyslop:

“Tha dàimh air a bhith ann eadar Eilean Idhe agus a' Ghàidhlig o chionn fhada. B' e cridhe spioradail Alba nan Gàidheal a bha innte aig toiseach nan linntean meadhanach agus tha mòran de na h-ainmean-àite ann sa Ghàidhlig fhathast.  

“Bheir an làrach-lìn seo goireas a thaobh dealbhaidh, rannsachaidh is oideachaidh do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a dh’fhaighinn a-mach barrachd mu aonan de na làraichean as cudromaiche ann an Alba agus tha mi an dòchas gun gabh iad tlachd à cleachdadh a' ghoireis ùir luachmhoir seo."  

Tha an làrach-lìn ùr air a roinn ann an dà leth far am faodar rannsachadh gun strì. Tha an dara fear dhiubh. ‘Mu Eilean Idhe’ na fhacal-tòiseachaidh mu eachdraidh is oighreachd Chrìosdail an eilein - an t-àite a bha aige mar ionad-adhlacaidh airson feadhainn de rìghrean na h-Alba aig toiseach nan linntean meadhanach, agus anns an fhear eile, an earrann 'Rannsachaidh', tha stiùireadh goirid ceum air cheum mu charraighean, obair-làimhe agus chomharraidhean an eilein.

Air an làraich cuideachd tha earrann mun chruinneachadh brèagha de chlachan snàighte air Eilean Idhe, nam measg croisean is leacan-uaghach a bhuineas do Thaobh an Iar na Gàidhealtachd. Tha feadhainn dhiubh seo a’ nochdadh ann an earrann le dealbhan air an làrach-lìn nan dealbh geàrr do dhaoine de chuid den luchd-fhuirich as annasaiche san eilean. Cuideachd, tha clàr-ama eadar-ghnìomhach a’ leigeil le luchd-tadhail rannsachadh a dhèanamh mu chinn-latha cudromach ann an eachdraidh an eilein.

Thuirt Andrew Burnet, Manaidsear Fhoillseachaidhean agus Fiosrachaidh aig Alba Aosmhor:

“Tha eachdraidh fhada aig Eilean Idhe agus thathar mothchail air a’ chuideam na lùib chan ann a-mhàin ann an Alba ach le daoine air feadh an t-saoghail.

“Bha sinn ag iarraidh làrach-lìn a chruthachadh a dh’innseadh eachdraidh shaidhbhir an eilein ann an dòigh a tha ùr ùr le comhairle phractaigeach do dhaoine a bhios ag iarraidh tadhal air an eilean, bho luchd-fuirich gu tachartasan is imeachdan.

“Ach tha sinn mothachail cuideachd gu bheil mòran eile ann aig a bheil ùidh ann an eachdraidh an eilein nach urrainn dhaibh an turas a dhèanamh agus chaidh an làrach-lìn a dhealbhadh mar sin cuideachd gus goireas a thoirt seachad a ghabhas cleachdadh ann an caochladh dhòighean.”

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte gun urrainn dhuinn taic a thoirt do Alba Aosmhor gus goireas prìseil a chruthachadh agus a tha a’ soilleireachadh cho cudromach ‘s a tha Eilean Idhe ann an eachdraidh a’ chànain. Bidh e air leth feumail do chlann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, oileanaich agus luchd-ionnsachaidh. Tha goireasan eadar-lion mar seo a’ brosnachadh Gàidhlig a chleachdadh agus feumaidh sinn barrachd ghoireasan mar seo airson an ath ghinealaich de luchd-labhairt na Gàidhlig.”

Tha làrach-lìn Ì Chaluim Chille beò a-nis. Tha an Abaid fosgailte fad na bliadhna, seachd latha san t-seachdain. Cead a-steach do dh’inbhich: £4.70. pàiste: £2.80, lasachadh, £3.80. Tha Taigh nan Cailleachan-dubha agus Crois an Leathanaich fosgailte fad na bliadhna, cead a-steach an-asgaidh.

For further information


Iona Matheson
Communications and Media Officer
Communications and Media
0131 668 8703 or 07827 956 858
iona.matheson@scotland.gsi.gov.uk