The browser you are using is out of date and is no longer supported. To view and use this site correctly, please update your browser to the latest version.

LUCHD-IÙIL ÒGA LE GÀIDHLIG AIG CAISTEAL DHÙN ÈIDEANN

14 June 2011

Tha sgoilearan Foghlam Meadhan-Gàidhlig bho Bun-sgoil Chrois na Cìse ann an Dùn Èideann air a thighinn chun cheann-uidhe a bha aca an uair a thòisich iad air seachdainnean de thrèanadh gu bhith nan Luchd-iùil Òga aig Caisteal Dhùn Èideann do Alba Aosmhor.

Ghabh na sgoilearan pàirt sa Ghàidhlig ann an fèist rìoghail on 16mh linn is iad sgeadaichte ann an aodach sònraichte san Talla Mhòr ann an Caisteal Dhùn Èideann air beulaibh luchd-amhairc a fhuair cuireadh.  

Aig deireadh na cluiche fhuair iad teisteanasan a’ comharrachadh gu bheil iad a-nis làn-uidheamaichte mar Luchd-iùil Òga Caisteal Dhùn Èideann.

Tro na beagan sheachdainean a chaidh seachad tha na sgoilearan cuideachd air cothrom fhaighinn a bhith nan rionnagan film.  Chaidh a’ chuairt threòraichte aca tron Talla Mhòr, a tha air a bhith air a coileanadh le aodach sònraichte orra, air a bhith air a clàradh air film gus DVD airson foghlam ullachadh mu Thalla Mhòr Chaisteal Dhùn Èideann do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ge bith dè an aois a tha iad.  Is e 2011 an 500mh ceann-bliadhna de chrìochnachadh an Talla Mhòir agus is e goireas foghlaim iongantach a tha san DVD a tha a’ toirt an luchd-amhairc air ais chun 16mh linn gus coinneachadh ris an Rìgh Seumas IV, Banrigh Màiread, an luchd-cùirte agus an searbhantan, gus faighinn a-mach carson a bhathar a’ cleachdadh An Talla Mhòr agus mar a tha i air atharrachadh.

Cho math ri bhith a’ gabhail pàirt sa ghoireas foghlaim, faodaidh an Luchd-iùil tachartasan eachdraidheil sònraichte a chumail do an co-aoisean fhèin aig amannan cudromach den bhliadhna, mar Seachdain nan Sgoiltean Gàidhlig. Cuiridh seo ri cuairtean agus tachartasan a tha air an tabhann tron bhliadhna le Oifigear Gàidhlig Caisteal Dhùn Èideann, Anna NicPhàdraig.

Thuirt Alasdair Ailean BPA, am Ministear airson Ionnsachadh agus Sgilean:

“Is e leasachadh air leth brosnachail ann an solar Alba Aosmhor a tha anns an Luchd-iùil Òga le Gàidhlig, do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhios a’ tadhal air Caisteal Dhùn Èideann.  Tha an àireamh de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus na feadhainn a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ fàs agus tha e iomchaidh gu bheil Caisteal Dhùn Èideann, a tha cho cudromach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta, a’ dèiligeadh ris an iarrtas airson a leithid.  

“Tha an DVD an dà chuid na ghoireas cur-seachad agus na ghoireas foghlaim, agus bidh e a-chùm math inbhich agus chloinne.  Thug mi deagh bheachd air proifeiseantachd sgilean actaidh na cloinne – is tha mi làn chinnteach gum bi cuid aca nan rionnagan mòra san àm ri teachd!”

Chuir Anna NicPhàil, Prìomh Thidsear na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Chrois na Cìse, ri seo:

“Thug am pròiseact seo cothrom air leth do sgoilearan ionnsachadh air an làrach fhèin mun chaisteal agus na daoine a bha na lùib, agus thug e dhaibh cothrom an sgilean còmhraidh, sgrìobhaidh agus dràma a leasachadh aig an aon àm.  Dh’obraich iad gu cruaidh agus fhuair iad tòrr toileachas às, agus seo an dearbh sheòrsa modh ionnsachaidh a thathar a’ moladh a thaobh a’ Churraicealam airson Sàr-mhaitheis.”

Fios do luchd-deasachaidh
  • Is e buidheann-gnìomha às leth Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Alba Aosmhor air a bheil an t-uallach airson a bhith a’ gleidheadh àrainn eachdraidheil na dùthcha.  Tha am buidheann-gnìomha làn chunntachail do Mhinistearan na h-Alba agus tromhpa-san do Phàrlamaid na h-Alba. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air www.historic-scotland.gov.uk  
  • Tha Alba Aosmhor ag obair an com-pàirt ri sgoiltean ionadail gus sgoilearan air P6 & 7 a thrèanadh air feadh Alba gus cuairtean treòraichte a lìbhrigeadh sna làraich a tha an seilbh Alba Aosmhor do bhuidhnean bho sgoiltean eile.  Tha sgeamaichean Luchd-iùil Òga an-dràsta a’ dol aig Lùchairtean nan Easbaig & nan Iarla (Arcaibh) Taigh Dubh Àrnoil (Eilean Leòdhais), Caisteal Claypotts (Dùn Deagh), Caisteal Craigmillar, Caisteal an Dùin, Caisteal Hunndaidh, Abaid Eilean Ì, Lùchairt Ghleann Iucha, Muilnean Stanley, Abaid Whithorn.  
  • Tha dà Oifigear Gàidhlig aig Aonad Foghlaim Alba Aosmhor, aon stèidhichte aig Caisteal Dhùn Èideann agus aon aig Taigh Dubh Àrnoil agus Tursachan Chalanais air Eilean Leòdhais
  • Tha Aonad Foghlaim Alba Aosmhor a’ tabhann eadar-theangachadh sa Ghàidhlig air rang den t-sreath de stuthan-taic Sgrùdaidh do thidsearan a chaidh an ullachadh mar PDFan a dh’fhaodar an luchdachadh a-nuas bhon làrach-lìn, www.historic-scotland.gov.uk/learning
  • Clàraich airson fios-meadhain air post-dealain bho www.historic-scotland.gov.uk/news. Ma tha thu airson d’ ainm a thoirt bhon seo aig àm sam bith, cuir post-dealain gu hs.website@scotland.gsi.gov.uk   


Tuilleadh fiosrachaidh:


Iona Matheson
Oifigear Meadhan is PR
Loidhne-fn dreach: 0131 668 8703
Fn-limhe: 07827 956 858
iona.matheson@scotland.gsi.gov.uk