The browser you are using is out of date and is no longer supported. To view and use this site correctly, please update your browser to the latest version.

A’ cur an turais agaibh air dòigh


Gus ur cuideachadh nuair a thadhlas sibh air na làraichean againn, gheibhear fiosrachadh san earann seo a dh’fhaodadh a bhith feumail dhuibh.

Tha a dhuilleag fa leth fhèin aig gach ionad air an làrach-lìn seo. Thoir sùil oirre ro làimh gun fhios nach bi uairean fosglaidh agus prìsean eadar-dhealaichte aca.


Screenshot of a property summary on www.historic-scotland.gov.uk


Uairean fosglaidh agus Prìsean

Tha a’ chuid as motha de na làraichean aig Alba Aosmhor an-asgaidh. Ann an cuid dhiubh, tha ullachaidhean ann far am bi an iuchair air an son an seilbh cuideigin.

Uairean fosglaidh làraichean far a bheil luchd-obrach agus prìs:


Samhradh (21 Màrt gu 30 Sultain)

Diluain gu Didòmhnaich, 9.30m gu 5.30f.
Tha cuid de dh’ionadan far a bheil uairean fosglaidh sònraichte gan sealltainn air an duilleig aca.

Samhradh (1 Dàmhair gu 31 Dàmhair)

Diluain gu Didòmhnaich, 9.30m gu 4.30f.

Geamhradh (1 t-Samhain gu 31 Màrt)

Bidh cuid de na làraichean againn a’ dùnadh anns a’ gheamhraidh.
A thaobh na làraichean eile againn, mar as trice tha na h-uairean fosglaidh 9.30m gu 4.30f.



Bidh na làraichean air fad againn a’ dùnadh Latha Nollaige agus air Latha Steafain. Nach cuir sibh fòn gus fiosrachadh fhaighinn mu bhith a’ fosgladh aig àm na Bliadhn’ Ùire


Prìsean

Tha prìs fa leth aig a h-uile làrach, a gheibhear air gach duilleag-làraich air an làrach-lìn. Faodar gun atharraich prìsean nuair a bhios tachartasan sònraichte gan cumail.


Lasachadh

- Cead a-steach an-asgaidh airson cloinne fo aois 5. A thaobh cloinne fo aois 16, feumaidh inbheach a bhith còmhla riutha.
- Tha lasachadh prìse ann do luchd-tadhail a tha nas sine na 60 agus dhan fheadhainn a tha gun chosnadh an-dràsta.


Cead Deireannach

Is e an t-àm mu dheireadh a thathar a’ leigeil dhaoine a-steach 30 mionaid mus dùin an làrach no 45 mionaid ann an Caisteal Dhùn Èideann, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Urchardain, Dùn Deòrsa, Caisteal Dhùn Breatainn agus Lùchairt Ghleann Iucha


Coin

Tha coin luchd-tadhail ceadaichte aig cha mhòr a h-uile làrach. Feumar an cumail air iall agus cha bu chòir am fàgail gun aire. Chan eil coin ceadaichte ann an togalach sam bith le mullach (mar ionadan tadhail) agus gu h-àraid far a bheil biadh air a dheaschadh.
Tha riaghailtean fa leth ann do choin-iùil agus coin-cuideachaidh a tha ceadaichte anns a h-uile làrach agus ann an togalaichean le mullach.
Chìthear an sàmhla seo far nach eil coin ceadaichte.