The browser you are using is out of date and is no longer supported. To view and use this site correctly, please update your browser to the latest version.

We're changing

We have created a new public body, Historic Environment Scotland. While we work on shaping our future we can reassure you that all services and products will continue as normal. Please follow our progress and find out more about our new organisation.

LUCHD-IÙIL ÒGA LE GÀIDHLIG AIG CAISTEAL DHÙN ÈIDEANN

14 June 2011

Tha sgoilearan Foghlam Meadhan-Gaidhlig bho Bun-sgoil Chrois na Cise ann an Dun Eideann air a thighinn chun cheann-uidhe a bha aca an uair a thoisich iad air seachdainnean de threanadh gu bhith nan Luchd-iuil Oga aig Caisteal Dhun Eideann do Alba Aosmhor.

Ghabh na sgoilearan pairt sa Ghaidhlig ann an feist rioghail on 16mh linn is iad sgeadaichte ann an aodach sonraichte san Talla Mhor ann an Caisteal Dhun Eideann air beulaibh luchd-amhairc a fhuair cuireadh.  

Aig deireadh na cluiche fhuair iad teisteanasan a’ comharrachadh gu bheil iad a-nis lan-uidheamaichte mar Luchd-iuil Oga Caisteal Dhun Eideann.

Tro na beagan sheachdainean a chaidh seachad tha na sgoilearan cuideachd air cothrom fhaighinn a bhith nan rionnagan film.  Chaidh a’ chuairt threoraichte aca tron Talla Mhor, a tha air a bhith air a coileanadh le aodach sonraichte orra, air a bhith air a claradh air film gus DVD airson foghlam ullachadh mu Thalla Mhor Chaisteal Dhun Eideann do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gaidhlig, ge bith de an aois a tha iad.  Is e 2011 an 500mh ceann-bliadhna de chriochnachadh an Talla Mhoir agus is e goireas foghlaim iongantach a tha san DVD a tha a’ toirt an luchd-amhairc air ais chun 16mh linn gus coinneachadh ris an Righ Seumas IV, Banrigh Mairead, an luchd-cuirte agus an searbhantan, gus faighinn a-mach carson a bhathar a’ cleachdadh An Talla Mhor agus mar a tha i air atharrachadh.

Cho math ri bhith a’ gabhail pairt sa ghoireas foghlaim, faodaidh an Luchd-iuil tachartasan eachdraidheil sonraichte a chumail do an co-aoisean fhein aig amannan cudromach den bhliadhna, mar Seachdain nan Sgoiltean Gaidhlig. Cuiridh seo ri cuairtean agus tachartasan a tha air an tabhann tron bhliadhna le Oifigear Gaidhlig Caisteal Dhun Eideann, Anna NicPhadraig.

Thuirt Alasdair Ailean BPA, am Ministear airson Ionnsachadh agus Sgilean:

“Is e leasachadh air leth brosnachail ann an solar Alba Aosmhor a tha anns an Luchd-iuil Oga le Gaidhlig, do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gaidhlig a bhios a’ tadhal air Caisteal Dhun Eideann.  Tha an aireamh de luchd-ionnsachaidh na Gaidhlig agus na feadhainn a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gaidhlig a’ fas agus tha e iomchaidh gu bheil Caisteal Dhun Eideann, a tha cho cudromach a thaobh dearbh-aithne naiseanta, a’ deiligeadh ris an iarrtas airson a leithid.  

“Tha an DVD an da chuid na ghoireas cur-seachad agus na ghoireas foghlaim, agus bidh e a-chum math inbhich agus chloinne.  Thug mi deagh bheachd air proifeiseantachd sgilean actaidh na cloinne – is tha mi lan chinnteach gum bi cuid aca nan rionnagan mora san am ri teachd!”

Chuir Anna NicPhail, Priomh Thidsear na Gaidhlig ann am Bun-sgoil Chrois na Cise, ri seo:

“Thug am proiseact seo cothrom air leth do sgoilearan ionnsachadh air an larach fhein mun chaisteal agus na daoine a bha na luib, agus thug e dhaibh cothrom an sgilean comhraidh, sgriobhaidh agus drama a leasachadh aig an aon am.  Dh’obraich iad gu cruaidh agus fhuair iad torr toileachas as, agus seo an dearbh sheorsa modh ionnsachaidh a thathar a’ moladh a thaobh a’ Churraicealam airson Sar-mhaitheis.”

Fios do luchd-deasachaidh
  • Is e buidheann-gniomha as leth Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Alba Aosmhor air a bheil an t-uallach airson a bhith a’ gleidheadh arainn eachdraidheil na duthcha.  Tha am buidheann-gniomha lan chunntachail do Mhinistearan na h-Alba agus tromhpa-san do Pharlamaid na h-Alba. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air www.historic-scotland.gov.uk  
  • Tha Alba Aosmhor ag obair an com-pairt ri sgoiltean ionadail gus sgoilearan air P6 & 7 a threanadh air feadh Alba gus cuairtean treoraichte a libhrigeadh sna laraich a tha an seilbh Alba Aosmhor do bhuidhnean bho sgoiltean eile.  Tha sgeamaichean Luchd-iuil Oga an-drasta a’ dol aig Luchairtean nan Easbaig & nan Iarla (Arcaibh) Taigh Dubh Arnoil (Eilean Leodhais), Caisteal Claypotts (Dun Deagh), Caisteal Craigmillar, Caisteal an Duin, Caisteal Hunndaidh, Abaid Eilean I, Luchairt Ghleann Iucha, Muilnean Stanley, Abaid Whithorn.  
  • Tha da Oifigear Gaidhlig aig Aonad Foghlaim Alba Aosmhor, aon steidhichte aig Caisteal Dhun Eideann agus aon aig Taigh Dubh Arnoil agus Tursachan Chalanais air Eilean Leodhais
  • Tha Aonad Foghlaim Alba Aosmhor a’ tabhann eadar-theangachadh sa Ghaidhlig air rang den t-sreath de stuthan-taic Sgrudaidh do thidsearan a chaidh an ullachadh mar PDFan a dh’fhaodar an luchdachadh a-nuas bhon larach-lin, www.historic-scotland.gov.uk/learning
  • Claraich airson fios-meadhain air post-dealain bho www.historic-scotland.gov.uk/news. Ma tha thu airson d’ ainm a thoirt bhon seo aig am sam bith, cuir post-dealain gu website@hes.scot   


Tuilleadh fiosrachaidh:


Iona Matheson
Oifigear Meadhan is PR
Loidhne-fòn dìreach: 0131 668 8703
Fòn-làimhe: 07827 956 858
iona.matheson@hes.scot