The browser you are using is out of date and is no longer supported. To view and use this site correctly, please update your browser to the latest version.

We're changing

We have created a new public body, Historic Environment Scotland. While we work on shaping our future we can reassure you that all services and products will continue as normal. Please follow our progress and find out more about our new organisation.

Comharrachadh Obair-Iarainn Steornabhaigh

2 May 2008

Tha aon de na h-eisimpleirean as fhearr a tha fhathast ri fhaighinn de dh’obair-iarainn grinn Albannach air a chomharrachadh ann an leabhar ur air foillseachadh le Alba Eachdraidheil.

Tha Scotland’s Hidden Gem - Architectural Ironwork in Stornoway a’ mineachadh carson a tha cruinneachadh an Eilein cho cudromach agus is e a’ chiad foillseachadh aig Alba Eachdraidheil a tha ri fhaighinn ann an Gaidhlig agus Beurla.

Thuirt Ministear na h-Eorpa, Cuisean Cein agus Cultar Linda Fabiani BPA: “Chleachd Alba a bhith na priomh reiceadair-a-mach de dh’obair-iarainn agus is e Steornabhagh eisimpleir fior-mhath mu mar a bha sraidean air feadh na duthcha mus robh an iarann air a thoirt air falbh airson oidhirp a’ chogaidh. Tha e miorbhailteach a bhith a’ faicinn nan dealbhachaidhean seo slan agus a bhith a’ faicinn an uidh a tha aig a’ choimhearsnachd annta.”

“Tha mi cuideachd toilichte gu bheil an leabhar a tha claradh an obair-ciuird seo ri fhaighinn ann an Gaidhlig is Beurla gus an ruig e air an aireamh as motha de daoine agus gus am bi ar cultar co-roinnte air a riochdachadh san doigh as fhearr.  

An deidh don taisbeanadh Obair Iarrainn Steornabhaigh fosgladh ann am Museum nan Eilean agus a bhios a’ dol gu deireadh na bliadhna, cuirear an leabhar air bhog an com-pairt ri Urras nan Leabhraichean agus Comhairle nan Eilean Siar air an 3mh den Cheitean aig An Lanntair, Steornabhagh.

Thuirt John Randall, Cathraiche Urras nan Leabhraichean, a tha nan co-aoighean air an tachartas: “Tha mi uabhasach toilichte gu bheil Alba Eachdraidheil air an leabhar ur seo ullachadh mu dheidhinn ailtearachd iarainn eachdraidheil Steornabhaigh. Tha foillseachadh an leabhair a’ leantainn air tachartas soirbheachail a chaidh a chumail  an t-seachdain a chaidh nuair a thug Ali Davey, aon de na h-ughdaran seachad oraid le dealbhan mun chuspair aig coinneamh Urras nan Leabhraichean. Bu choir aithneachadh nas fhearr a bhith aig a’ chomharradh sonraichte seo de Steornabhagh, agus cuidichidh an leabhar ur le bhith ag ardachadh mothachadh den taobh chudromach seo de dualchas a’ bhaile.”

Cuiridh an leabhar an ceill ann an dealbhan lan-dhathte iomadachd miorbhaileach an obair-iarainn a tha ri lorg ann an Steornabhagh. Bheir e seachad eachdraidh agus fiosrachadh mu na h-ainmean a tha falaichte fo bhliadhnaichean de pheant.

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar Alec Domhnallach:
“Tha an obair-iarainn ann am priomh-bhaile Eilean Leodhais am measg nan eisimpleirean as motha agus as fhearr a tha air an gleidheadh air feadh na duthcha. Mar choimhearsnachd eileanach, cha do chaill Steornabhagh obair-iarainn aig am a’ chogaidh agus chum e an obair-iarainn Bhictorianach agus Eideardach a bha air a dheanamh le luchd-iarrainn ainmeil a bha steidhichte gu h-araidh ann an Glaschu.  Tha seo mar maoin luachmhor eile den chultar agus den dualchas bheairteach a tha againn sna h-eileanan.”

“Tha ardachadh mothachadh den mhaoin dhualchasach a tha aig na h-eileanan cudromach ann a bhith a’ tarraing dhaoine gu na h-eileanan mar aite as fhiach a thadhal agus tha an obair-iarainn a tha air a chomharrachadh san leabhar na phairt cudromach air a bheil sinn a’ cur failte, de beairteas dualchas ar n-Eilean. Tha mi toilichte gun cuidich an leabhar le bhith sgaoileadh an sgeulachd inntinneach seo.”

Toisichidh an latha le cuairt a bhios a’ toiseachadh aig Museum nan Eilean aig 3.30f gus suil a thoirt air an obair-iarrainn mun cuairt a’ bhaile, agus theid an leabhar a chur air bhog aig failteachadh aig 4.30f.

Fiosrachadh do luchd-naidheachd

1. Is e buidheann gniomhach le Riaghaltas na h-Alba air a bheil an uallach airson a bhith a’ dion arainneachd eachdraidheil na duthcha a tha ann an Alba Eachdraidheil. Tha am buidheann fo ughdarras Mhinistearan na h-Alba agus tromhpa-san gu Parlamaid na h-Alba. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.historic-scotland.gov.uk.

2. Claraich airson fiosrachadh airson nam meadhanan tro phost-dealain aig www.historic-scotland.gov.uk/news. Ma tha sibh airson ath-fo-sgriobhadh aig am sam bith cuir post-dealain gu website@hes.scot no cuir fon gu 0131 668 8603
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Urras nan Leabhraichean faic www.theislandsbooktrust.com no cuir fon gu John Randall air 01851880365

Taic: Lesley Brown, Oifigear Conaltradh agus Meadhanan
Fon: 0131 668 8603
Fon-laimh:07788 923873
Post-dealain: lesley.brown@hes.scot


For further information


Lesley Brown
Communications and Media Officer
Communications and Media
0131 668 8603 or 07788 923873
lesley.brown@scotland.gsi.gov.uk