skip navigation

A’ cur an turais agaibh air dòigh


Gus ur cuideachadh gus a’ bhuannachd as fheàrr fhaighinn nuair a thadhlas sibh air an t-seilbh againn, gheibhear fiosrachadh farsaing do luchd-turais san earann seo, a dh’fhaodadh a bhith feumail dhuibh.

Tha a dhuilleag fa leth fhèin aig gach ionad air an làrach-lìn seo. Thoiribh sùil oirre ro làimh gun fhios nach bi uairean fosglaidh agus cìsean eadar-dhealaichte aca.

Screenshot of a property summary on www.historic-scotland.gov.uk

Uairean fosglaidh agus Cìsean

Tha a’ chuid as motha den t-seilbh aig Alba Aosmhor an-asgaidh. Ann an cuid dhiubh, tha ullachaidhean ann far am bi an iuchair air an son an seilbh cuideigin.

Uairean fosglaidh seilbhe far a bheil luchd-obrach agus cìs tighinn-a-steach:

Samhradh (21 Màrt gu 30 Sultain)

Diluain gu Didòmhnaich, 9.30m gu 5.30f.
Tha cuid a dh’ionadan far a bheil uairean fosglaidh sònraichte gan sealltainn air an duilleig aca.

Samhradh (1 Dàmhair gu 31 Dàmhair)

Diluain gu Didòmhnaich, 9.30m gu 4.30f.

Geamhradh (1 t-Samhain gu 31 Màrt)

Bidh cuid den t-seilbh againn a’ dùnadh ri linn a’ gheamhraidh.
A thaobh na seilbhe eile againn, is iad na h-uairean fosglaidh mar as trice 9.30m gu 4.30f mura cuirear a chaochladh an cèill air a’ chlàr.


Bidh an t-seilbh air fad againn a’ dùnadh Latha Nollaige agus air Latha Steafain. Nach cuir sibh fòn gus fiosrachadh fhaighinn mu bhith a’ fosgladh aig àm na Bliadhn’ Ùire.


Cìsean tighinn-a-steach

Tha cìs tighinn-a-steach fa leth aig a h-uile seilbh, a gheibhear air gach duilleag-seilbhe air an làrach-lìn. Faodar gun atharraich cìsean nuair a bhios tachartasan sònraichte gan cumail.


Ceadachadh

- Cead a-steach an-asgaidh airson cloinne fo aois 5. A thaobh cloinne fo aois 16, feumaidh inbheach a bhith còmhla riutha.
- Tha ìrean ceadaichte ann do luchd-tadhail a tha nas sine na 60 agus dhan fheadhainn a tha gun chosnadh an-dràsta.


Euros

Thathar a’ gabhail ri euros air seilbh a tha ga rianachd le Alba Aosmhor.


Cead deireannach

Is e an t-àm mu dheireadh a thathar a’ leigeil dhaoine a-steach 30 mionaid mus dùin an t-seilbh no 45 mionaid ann an Caisteal Dhùn Èideann, Caisteal Shruighlea agus Caisteal Urchardain, Dùn Deòrsa, Caisteal Dhùn Breatainn agus Lùchairt Ghleann Iucha


A’ toirt a’ chù leibh

Tha coin luchd-tadhail ceadaichte aig a h-uile làrach (mura cuirear a chaochladh an cèill). Feumar an cumail air iall agus cha bu chòir am fàgail gun aire.