The browser you are using is out of date and is no longer supported. To view and use this site correctly, please update your browser to the latest version.

Fàilte oirbh dhan làrach-lìn aig Alba Aosmhor


Is e a th' ann an Alba Aosmhor Buidheann a tha mar chuid de Riaghaltas na h-Alba agus a tha cunntachail gu dìreach do Mhinistearan na Pàrlamaid gus àrainneachd eachdraidheil na rìoghachd a ghleidheadh, agus fios a sgapadh a thaobh mar a dh’fhaodas daoine a tuigsinn agus tlachd a ghabhail aiste.

Tha sgeul na h-Alba ga h-aithris tro na carraighean agus na togalaichean eachdraidheil far am faighear eachdraidh phrìseil na dùthcha againn. Chan e dìreach comharraidhean-tìre a tha san àrainneachd thogte againn idir ach rud a tha fa leth agus nach gabh a samhail cur na h-àite, agus cultar agus ìomhaigh na h-Alba ga toirt seachad gu fìrinneach aice.

Bho thursachan bho na Linntean ron Eachdraidh gu manachainnean bho na Linntean Meadhanach gu liosan mòra agus caistealan mòrail, tha sinn a’ toirt cuiridh dhuibh tighinn a thadhal air còrr agus 300 làraichean thairis air 5000 bliadhna den eachdraidh.

Nach tadhail sibh air na làraichean againn air feadh na dùthcha.

Tadhailibh air an eachdraidh às ùr. Èistibh ri sgeul ar dualchais.